
Tha prògram digiteachaidh Maoin airson Chothroman Ùra air feadh na RA anns a bheil luach £50 millean air a dhealbhadh airson stuthan ionnsachaidh agus stòrasan a tha an-dràsta air an gleidheadh ann an gaileiridhean, leabharlannan, taighean-tasgaidh agus oilthighean a thoirt dìreach a-steach do dhachaighean agus choimhearsnachdan. Tha a' Mhaoin, aon de bhuidhnean-riarachaidh deagh adhbharan a' Chrannchur Nàiseanta, air tabhartasan a thoirt do 150 buidheann air feadh na RA, beag agus mòr, a tha ag atharrachadh iomadh seòrsa stuth gu cruth digiteach. Tha na diofar stuthan a thathas a' cur ann an cruth digiteach a' gabhail a-steach àrsaidheachd, a' mhuir, ailtireachd, na h-ealainean saora, eachdraidh shòisealta agus beul-aithris. Ann an Alba tha £6 millean ga chleachdadh gus 'banca choimhearsnachdan brìgheil' dh'ionnsachadh eadar-lìon a chruthachadh.
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: