
B' e pròiseact nan trì bliadhna, air a stiùireadh le Comhairle na Gàidhealtachd, a bh' ann am Pròiseact Innse-sgeulachd nam 'Merry Dancers'. Dh'fhàs e à fèis nan sgeulachdan, 'Tales at Martinmas'. Fhad 's a bha e a' dol bha na 'Merry Dancers' a' brosnachadh aithris nan sgeulachdan Gàidhealach le bhith a' cuideachadh chruinneachaidhean, cèilidhean taighe, cuairtean-sgeulachd agus fèis na Fèill Mhàrtainn. Bha Pròiseactan air an cur air dòigh a thug aithris nan sgeulachdan an lùib sheòrsachan eile ealain - nam measg ag obair le aodach-felt, a' clàradh fuama, a' sgrìobhadh òrain agus dràma. Ann an 2004 chaidh taisbeanadh beòthail den ainm The Gizzen Briggs a dhèanamh le sgoilearan ealain on chiad bhliadhna ann an Acadamaidh Bhaile Dhubhthaich. Choisinn e duais Cleachd Ealain ann am Foghlam Alba. Sguir am pròiseact anns an Dùbhlachd 2007.
Collections
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: