Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Our Partners

Clì Gàidhlig



Clì Gàidhlig
Seòmraichean 1 - 4, Taigh Rèile na Gàidhealtachd, Sràid na h-Acadamaidh, Inbhir Nis IV1 1LE
Fon: +44 (0)1463 226710
cli@cli.org.uk

'S e Clì Gàidhlig na buidhinn inntrigidh is adhartachaidh airson luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig.

Tha Clì airson:


  • àrainneachd bhrosnachail a chruthachadh far am faigh luchd-ionnsachaidh taic is adhartas
  • fiosrachadh air a' Ghàidhlig agus cùisean Gàidhlig a' liubhairt ann an dòigh iomchaidh
  • cùrsaichean a chur air bhonn air feadh na h-Alba airson iarrtasan luchd-ionnsachaidh a choileanadh


Tha fiosrachadh air clasaichean is cùrsaichean air feadh na h-Alba is thall thairis, agus air goireasan feumail do luchd-ionnsachaidh ri fhaighinn air an làraich-lìn againn, faic Learn-Gaelic.info


Bidh Clì a' cumail chùrsaichean air feadh na h-Alba, aig diofar ìrean. Bidh a' mhòr-chuid dhiubh aig ceann na seachdain, ach tha cùrsaichean nas fhaide ri fhaighinn. 'S ann spòrsail a tha iad leis a' chudrom air còmhradh. A bharrachd bidh Clì a' cumail chùrsaichean 'Latha Gaelic Awareness' (tro Bheurla), gus tuigse cànain agus cultar na Gàidhlig a leasachadh, agus chùrsaichean gràmair trì làithean airson luchd-fileanta agus luchd-ionnsachaidh adhartach.


Mar bhall de Chlì, gheibh thu an iris Cothrom ceithir tursan gach bliadhna. Tha Cothrom dà-chànanach agus làn naidheachd, fiosrachaidh mu dheidhinn na Gàidhlig, agus mholaidhean cuideachail a thaobh a' chànain.


Airson tuilleadh fiosrachaidh, coimhead air ar làraich-lìn


Tadhail air an làraich-lìn


Collections

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village