
Chaidh West Highland Animation a stèidheachadh leis an Riochdaire/Stiùiriche Leaslaidh NicCoinnich ann an 1988.
Tha an Companaidh airson dualchas is beul-aithris na Gàidhealtachd 's nan Eilean adhartachadh tro dhealbhan-beothaichte is eadar-ghnìomhan. Thar nam bliadhnachan, tha an Companaidh air còrr is dà fhichead fiolm beothaichte a dhèanamh a bha stèidhte air seann sgeulachdan na Gàidhealtachd eadar feadhainn a bha gu math fuilteach, borb agus feadhainn a bha gu tur do-chreidsinn. Tha an obair againn ag amas air a' chloinn le Gàidhlig agus air luchd-ionnsachaidh.
Tha sinn an-dràsta ag obair air pròiseact stèidhte air Obair-ealain nan Treubhan Ìnnseanach. 'S e Tormod MacIllEathain am preasantair air Farpais nan Treubhan.
Tha cruinneachadh dhe na dealbhan beothaichte aig WHA air an làrach-lìn, Am Baile, ann an cruth eadar-ghnìomhail. Tha cuideachd stuth ann bhon dualchas do dh'oileanaich le ùidh ann an seann chleachdaidhean na Gàidhealtachd.
Collections
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: