Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Our Partners

Leabharlann na h-Alba, Prìomh Leabharlann Dhùn Èideann



Tha Leabharlann na h-Alba air aon de roinnean cuspairean sònraichte a' Phrìomh Leabharlainn. An-dràsta tha e a' tairgsinn mu 12000 rud airson iasad agus 6000 airson fiosrachadh le obraichean suas bhon 16th linn. Faodaidh duine sam bith cothrom fhaighinn air rudan saor 's an asgaidh.

Thathar a' dèiligeadh ri gach sgìre agus gach cuspair a' buntainn ri Alba, a' mhòr-chuid sa Bheurla ach tha cruinneachadh Gàidhlig mòr ann. Tha stuthan rim faighinn ann an iomadh cruth. Tha cuid de na rudan tearc no fiù 's gun an leithid eile ann, mar eisimpleir, na dealbhan mu Bheatha na Gàidhealtachd le Dr I. F. Grannd, air neo làmh-sgrìobhainnean air sloinnidhean a chuir daoine ri chèile 's a dh'fhàg iad leis an leabharlann.

Bidh an luchd-obrach a' dèiligeadh ri ceistean bho air feadh an t-saoghail, aghaidh ri aghaidh ri cuid den leth-mhillean duine a bhios a' tadhal air a' Phrìomh Leabharlann gach bliadhna, air neo le post-d no litir.

Ma bhios sibh airson brath a chur thugainn seo am mion-fhiosrachadh againn:

Leabharlann na h-Alba
Am Prìomh Leabharlann
Drochaid Sheòrais IV
Dùn Èideann
EH1 1EG

Tel: (0131) 242 8070

Post-d:
central.scottish.library@edinburgh.gov.uk


Tadhail air an làraich-lìn


Collections

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village