
Anns na Meadhan-linntean bha còraichean fearainn stèidhte barrachd air cleachdadh agus traidisean seach air còraichean fiùdalach. San t-17mh linn ge-tà, bha fiùdalachd air grèim fhaighinn air coimhearsnachd na Gàidhealtachd. An dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746, thuit siostam nan cinnidhean às a chèile agus chaidh na bannan a bha a' ceangal ceann-cinnidh agus fhear-cinnidh ri chèile a bhriseadh mu dheireadh thall. Bha fearann a' chinnidh a-nis leis a' cheann-chinnidh a-mhàin 's dh'fhaodadh esan a reic no a chur a-mach air màl mar a thogradh e.
Oighreachd spòrs Ghàidhealach
Le teachd an rèile anns an 19mh linn agus leis mar a thog a' Bhànrigh Bhictòria ùidh a' phobaill ann an sealg is iasgach slait, chaidh frìthean mòra (suas gu 30,000 heactair) a stèidheachadh agus chaidh loidseachan seilg a thogail. Bha an oighreachd spòrs Ghàidhealach air nochdadh.
Bhiodh an 'Glorious Twelfth' a' comharrachadh toiseach seusan an t-seilg-gunna agus bhiodh 'an loidse' a' toirt aoigheachd do luchd-gnìomhachais beartach agus do dh'uachdarain. Thàinig 'an gleann' gu bhith an crochadh air an oighreachd airson chothroman cosnaidh mar gheamairean, gillean, gàirnealairean, fir faobharach agus luchd-obrach taighe. Bhiodh deireadh seusan na seilg air a chomharrachadh le 'Bàl nan Gillean', agus an dèidh sin thilleadh an luchd-seilg gu deas.
Crìonadh san oighreachd spòrs
Bho anmoch san 19mh linn tha cruthachadh chroitean, prògraman forsaireachd nàiseanta, leasachadh air cumhachd dealain-uisge agus turasachd air buaidh a thoirt air oighreachdan. An-diugh, 's e th' anns an oighreachd Ghàidhealaich ach sealbh air raon mòr fearainn a tha air a ruith mar as trice le seumarlan. Tha talamh àitich agus ionaltradh monaidh a' toirt taic do choimhearsnachd tuathanachais. Tha stiùireadh forsaireachd agus coilltearachd a' toirt teachd-a-steach don oighreachd mar a tha còraichean seilg. Tha sealg fhèidh agus chearcan-fraoich agus iasgach bhradain fhathast a' tàladh luchd-tadhail beartach buadhach, ach tha cus nas lugha de luchd-obrach air am fastadh aig an oighreachd a-nis.
Ceannach le coimhearsnachdan
Tha atharrachaidhean anns an lagh anns na 1990an air cothrom a thoirt do choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air fearann. B' e Asaint a Tuath a' chiad choimhearsnachd a fhuair sealbh air an fhearann, agus an uair sin Eilean Eige am measg eile. Ged a tha sin mar a tha e, tha 50% den Ghàidhealtachd fhathast aig nas lugha na 100 sealbhadair.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh. -
Sanderson, Margaret H. B
Scottish Rural Society in the Sixteenth Century
Whyte, I. D
Agriculture and Society in Seventeenth-Century Scotland
Armstrong, A. M
Land Ownership and Land Use in the Scottish Highlands
Callander, Robin
A Pattern of Landownership in Scotland
Cameron, Ewan
Land for the People?
Cramb, Auslan
Who Owns Scotland Now?
Millman, R.
'The Marches of the Highland Estates'
Scottish Geographical Magazine 85,1969, pp 172-81
Wigan, Michael
The Scottish Highland Estate
Wightman, Andy
Who Owns Scotland
Smith, Annette M.
Jacobite Estates of the Forty-Five
Youngson, A. J.
After the Forty-Five
Donaldson, James
General View of the Agriculture of the County of Nairn
Devine, T.M.
Clanship to Crofters' War
Devine, T. M.
The Great Highland Famine
Hunter, James
The Making of the Crofting Community
Turnock, David
Patterns of Highland Development
Devine, T. M
The Transformation of Rural Scotland
J. Hulbert, (ed.),
Land, Ownership and Use
Andrew Fletcher Society, Edinburgh -1986
McEwen, John
Who Owns Scotland
Millman, R
'The Landed Estates of Northern Scotland'
Scottish Geographical Magazine 86, 1970, pp 186-203
Satterley, Glyn
The Highland Game
Great Britain
Reports on the annexed estates, 1755-1769
Great Britain
Statistics of the annexed estates, 1755-1756
Great Britain
General view of the agriculture in the county of Inverness
Henderson, John
General view of the agriculture of the county of Caithness
MacDonald, James
General view of the agriculture of the Hebrides, or Western Isles of Scotland
Macinnes, Allan I
Clanship, Commerce and the House of Stuart
Prebble,John
The Highland Clearances
Callander, Robin
How Scotland is Owned
Gaskell, Philip
Morvern Transformed
Adam, Robert James
Papers on Sutherland Estate management, 1802-1816
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: