
'S dòcha nach eil beanntan, aibhnichean no lochan mòrail aig a' Ghàidhealtachd; ach mar dhìleab tha cumadh-tìre aice anns a bheil beairteas mòr agus àilleachd iongantach. 'S e cumadh-tìre a th' ann a tha gu mòr an urra ri geòlas eadar-dhealaichte na h-Alba, ris an t-sìde agus a' ghnàth-shìde chaochlaidich, agus ris an iomallachd a chuidich gus a cumail gun mhilleadh.
Beanntan
Tha buaidh aig beanntan agus cnocan air cumadh-tìre. Tha còrr is 70% den Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan le beanntan. Tha faisg air 250 mullach os cionn 1000m, agus 's e Beinn Nibheis, aig 1344m, as àirde san RA. Biorach agus creagach air an taobh siar, tha na beanntan nam pàras do luchd-streap, agus tha Gleanna Comhann agus an Cuiltheann am measg an fheadhainn as fheàrr. Nas fhaide an ear, ged a tha coltas nas sìnte air na cnocan, tha iad fhathast ag èirigh gu 1000m air àrdchlàr a' Mhonaidh Ruaidh.
Oirthirean
Càit an lorgadh tu cumadh-tìre oirthireach a bheireadh barr air na tha air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan? Mìltean de dh'eileanan nan suidhe ann an cuan gorm; lochan mara domhainn cha mhòr air an cuairteachadh le beanntan; tràighean òr-bhuidhe air am fàgail aig tràghadh agus lìonadh nan làn; bearraidhean agus stacan ag èirigh dìreach às na tuinn, dachaigh do dh'àireamh mòr de eòin-mhara a bhios a' neadachadh orra; linneachan leathann far an cluich leumadairean-mara.
Aibhnichean agus lochan
Tha am muir fhèin air a bhiadhadh le aibhnichean a bhios a' dortadh sìos easan-uisge agus a gearradh tro chlaisean mòra ga ionnsaigh. Le flichead na gnàth-shìde tha e cinnteach gum bi pailteas uisge ann. Tha suas ri 10% de na h-Eileanan an Iar air a chòmhdach le lochan fìor-uisge agus aibhnichean. Faodaidh a' Ghàidhealtachd uaill a dhèanamh às na h-uisgeachan as doimhne (Loch Morar, 372m), as fhaide, (Loch Nis) agus 's dòcha as bòidhche (Loch Ma Ruibhe) a-staigh san tìr san RA. Tha bradain agus bric gu leòr ann a bhios a' toirt toileachas do dh'iasgairean-slait.
Puill mhòna agus mòintichean
'Boglaichean gun fheum'? 'S fhada bhuaithe! 'S e an sgaoilteach mhòr de thalamh mòna, Dùthaich Bhog Ghallaibh agus Chataibh, an sgìre as fharsainge de bhoglach-còmhdaich nàdarra sa leth-chruinne a tuath. Tha iad air an aithneachadh a-nis mar shiostaman nàdarra airson stiùireadh uisge, agus mar àitean tèarainte do dh'fhiadh-bheatha. An àitean eile tha puill mhòna air connadh a thoirt do chroitearan agus do thaighean-staile.
The fraoch purpaidh na h-Alba a' còmhdach a' mhòintich as tioraime air taobh sear na Gàidhealtachd. Tha sealg chearcan-fraoich a' soirbheachadh an seo, agus 's e sin a tha a' fàgail a' phàtrain a chithear air na slèibhtean fraoich.
Coilltean agus mòr-choilltean
Tha fuigheall den t-Seann Choille Chaileanaich ri fhaicinn fhathast, craobhan-giuthais, craobhan daraich agus beithe. Ach tha a' mhòr-chuid de na coilltean òg. Air an cur airson fiodh, tha iad a' còmhdach cliathaichean a' chuid as motha de ghlinn agus a' toirt fasgadh dhan fhiadh-bheatha.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh. -
Johnston, J. L
Scotland's Nature in Trust
McCarthy,J
Scotland, land and people
Magnusson, Magnus
The Nature of Scotland
Warren, Charles
Managing Scotland's Environment
Hunter, James
On The Other Side of Sorrow
Scottish Natural Heritage
Northwest Highlands
Darling, Frank Fraser
The Highlands and Islands
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: