
Bidh daoine a' toirt ainmean air àitichean. Ann a bhith a' dèanamh seo tha iad a' cur an cèill rudeigin mun dòigh-beatha, an cultar, an eachdraidh agus na saobh-chràbhaidhean aca. Aon uair 's gu bheil iad stèidhichte bidh ainmean-àite a' dèanamh sgìre sònraichte.
Freumhan ainmean-àite
Tha freumhan ainmean-àite rim faotainn ann am faclan agus freumhan fhaclan a tha sa chànan làitheil. Air Ghàidhealtachd tha a' mhòr-chuid de dh'ainmean-àite gu h-àraidh a' dèanamh tuairisgeul air cumadh, dath agus meud feartan an deilbh-thìre. Ach tha cuid a' tighinn bho bheul-aithris, cultar agus cleachdaidhean muinntir an àite seach an dealbh-tìre.
Ag ainmeachadh àitean tro na linntean
Bha am fuaim 'aub' a' ciallachadh 'uisge a bha a' gleidheil beatha' do mhuinntir Linn an Umha o chionn 4,000 bliadhna. Tha an eileamaid seo fhathast anns an fhacal abhainn. Bha na Cruithnich dèidheil air a bhith a' sealg nan torc, 's tha dearbhadh air an seo leis an ainm Chruithneach 'Air-cardden' no Urchardainn (aig an doire). Thug Albannaich a thàinig a-steach dhan dùthaich à Eirinn ainmean Gàidhlig leotha, mar 'achadh nan seileach' no Ach nan Seileach. Tha ainmean mar Sìoldaig (Sild-vik - bàgh an sgadain) a' comharrachadh tuineachadh Lochlannach. Tha Beauly (A' Mhanachainn) a' ciallachadh 'Beau-lieu' no 'àite taitneach' is tha e air ainmeachadh ann am Fraingis Nòrmanach nam meadhan-linntean. Tha Jemimaville agus Fort Augustus (Cille Chuimein) a' nochdadh buaidh Shasannach an 18mh linn
Ainmean-àite 'dathte'
Gu tric bidh ainmean-àite Gàidhlig a' comharrachadh dath feart-tìre. Tha uaine, fionn (geal), gorm, glas, dearg air an cleachdadh gu bitheanta - me Loch an Uaine, Fionn Bheinn, An Càrn Gorm, A' Ghlas Bheinn, Beinn Dearg. Tha 'breac' mar a chithear anns A' Bheinn Bhreac no Beinn Bhraggaidh a' dèanamh dealbh math de shlios beinne fo fhraoch a tha spotach mar bhreac.
Ainmean-àite mu obair
Tha saoghal na h-obrach cuideachd air a chur an cèill ann an ainmean-àite. Tha Baile Ghobhainn agus Baile nan Gobhainn a' ciallachadh 'baile a' ghobha'. Tha Achadh na Cairidh a' comharrachadh far an robh iasgairean a' còmhnaidh, agus Cnoc nan Caorach far an robh caoraich gan àrach.
Ainmean-àite a' toirt iomradh air nàdar
Tha iomradh air craobhan, lusan agus ainmhidhean - 's dòcha a tha à bith a-nis - cumanta, me Gleann Fhiodhaig, Creag na h-Iolaire, Allt Ghiubhais, Coire Laogh.
Ainmean-àite agus beul-aithris
Faodaidh sinn slighean nam miseanaraidhean Crìosdail a leantainn tro ainmean mar Clachan Ma-Ruibhe, làrach eaglais Maolrubha aig Loch Carrann. Tha fiù 's na sìthichean nan lùib le Sìthean Mòr agus Sìthean Beag ann an Geàrrloch.
Ged a tha freumhan ainmean-àite soilleir mar as trice, tha feadhainn aca air a dhol air chall tro na linntean. Tha beachdan eadar-dhealaichte air dè is ciall do Slioch, Beinn Eighe agus Baosbheinn, mullaich ann an Toirbheartan. Ach nach eil sin a' cur ri dìomhaireachd na Gàidhealtachd?
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh. -
Nicolaisen, W. F. H.
Scottish Place-Names
Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness
vol 19 (1893-94), pp 217-245 MacBain, Alexander, 'Norse Element in Highland Place Names'
Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness
vol 32 (1924-25), pp 206-219, Robertson, Rev C. M. 'Studies in Place Names'
Watson, William John
The History of the Celtic Place-Names of Scotland
Drummond, Peter
Scottish Hill and Mountain Names
Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness
vol 24 (1904-07), pp 368-87, MacKenzie, Kenneth, 'Lewis Place-Names and Relics of the Norse Languages in Lewis Speech'
Withers, Charles W.J.
'Authorizing Lanscape: "Authority", Naming and the Ordnance Survery's Mapping of the Scottish Highlands in the Nineteenth Century'
Journal of Historical Geography, vol. 24, no. 4 (Oct., 2000), pp 532-54
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: