
A dh'aindeoin nan roinnean a chaidh a chruthachadh ann an 1974, agus atharrachaidhean an dèidh sin ann an riaghaltas ionadail a chruthaich na 'Comhairlean' a th' ann an-diugh, bidh daoine fhathast a' bruidhinn air na siorrachdan eachdraidheil. Tha seo gu h-àraidh fior mu na còig Siorrachdan Croitearachd air tìr-mòr - Earra-Ghàidheal, Siorrachd Inbhir Nis, Ros & Cromba, Cataibh agus Gallaibh.
Earra-Ghàidheal
Tha an tè as fhaide deas, Earra-Ghàidheal, a' toirt a-staigh cathair àrsaidh nan Albannach, Dail Riata. Na b' anmoiche bhiodh e aig cridhe fearann Cloinn Chaimbeul, ged a mhair Ìle ann an làmhan Tighearna nan Eilean. 'S e siorrachd bheanntan a th' innte a' dol bho Mhaol Chinn Tìre
gu Gleann Comhann, agus a' toirt a-staigh mòran eileanan, nam measg Ìle, Diùra, Muile, Colla agus Tiriodh. Tha an eaconamaidh aice an crochadh air àiteachas, coilltearachd agus iasgach.
Siorrachd Inbhir Nis
'S i siorrachd Inbhir Nis as motha agus tha sin a' toirt a-staigh Bàideanach, Loch Abar, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse (gu ruige 1974 bha Loch Aillse na phàirt de Shiorrachd Rois). Tha i a' toirt a-staigh ceanna-bhaile na Gàidhealtachd, Inbhir Nis - a fhuair inbhe cathair-bhaile ann an 2000 - cho math ri Loch Nis agus a' bheinn as àirde ann am Breatainn, Beinn Nibheis. Bha na Hearadh agus na h-Uibhistean cuideachd mar phàirt de Shiorrachd Inbhir Nis suas gu 1974. Chaidh an cath mu dheireadh ann am Breatainn a chur taobh a-muigh Inbhir Nis aig Cùil Lodair ann an 1746.
Ros & Cromba
Gu tuath tha Ros agus Cromba agus fearann sgaoilteach nan tuathanasan san Eilean Dubh agus air Machair Rois. Tha na slèibhtean air an taobh a-staigh dhi a' ruigheachd àirde bheanntan iongantachThoirbheartan san iar. Bha Eilean Leòdhais cuideachd na phàirt dhi ron ath-òrdachadh ann an riaghaltas ionadail anns na 1970an. Ged a b' e Steòrnabhagh an tuineachadh bu mhotha, b' e Inbhir Pheofharain baile na siorrachd. Am measg nan tuineachaidhean eile tha am baile eachdraidheil Baile Dhubhthaich, baile aiseig Ulapul, agus Inbhir Ghòrdain far am bi crainn-ola a' faighinn frithealadh agus soithichean mòra a' tighinn gu cala.
Cataibh
Nas fhaide gu tuath tha Cataibh a tha air a comharrachadh le beanntan iomallach, agus monaidhean farsaing fosgailte a tha a' toirt a-staigh nam bogalaichean-còmhdaich mhòra san Dùthaich Bhuig. Tha greadhnachas buadhach aice, agus cuid de na h-aibhnichean as fheàrr san dùthaich airson bradan. 'S e tuathanas chaorach air na monaidhean agus iasgach bun-stèidh an eaconamaidh.
Gallaibh
Tha Gallaibh san oisean san ear-thuath. Tha an cumadh-tìre ìseal gorm, fosgailte ris a' ghaoith, le leacan sònraichte mar chrìochan air na h-achaidhean. Ged a tha i nas lugha na na siorrachdan eile, 's ann aice a tha a dhà dhe na bailtean as motha air Ghàidhealtachd - Inbhir Uige agus Inbhir Theòrsa. Tha tuathanachas agus iasgach cudromach cuide ri gnìomhachasan beaga. Tha an reactar niùclasach aig Dùnrath, nach eil ag obair a-nis, fhathast a' toirt cosnadh do mhòran san sgìre.
Siorrachdan Gàidhealach eile
Tha earrann Ghàidhealach a-staigh air an dùthaich ann an siorrachdan Pheairt, Aonghais, Obair Dheathain agus Bhainbh, ach 's ann air na sgìrean ìosal agus na mòr-bhailtean aca as motha a tha an sùil.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh. -
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: