Naidheachd
09 Aug 2002
Làrach-lìn na Gàidhealtachd a' comharrachadh dualchas na Gàidhlig
Bha baile air a? Ghàidhealtachd sna naidheachdan an uiridh nuair a fhuair e faisg air millean not a chuidicheadh e a? tàladh luchd tadhail air feadh an t-saoghail. Naidheachd mhath, dh?fhaodadh, do mhuinntir a? bhaile agus do ghnìomhachas an turasachd, ach tha car sa chùis; chan eil a leithid de bhaile ann, no co-dhiù taobh a-muigh coimpiutair le ceanglaichean ris an eadar-lìon. Thainig am pròiseact adhartach seo, don ainm Am Baile, gu bith le taic £900,000 o Mhaoin nan Cothroman Ùra aig an Riaghaltas agus bidh e air loidhne san Dùbhlachd.
Airson a? chiad turas bidh fiosrachadh mun Ghàidhealtachd ri fhaotainn le putan a bhruthadh. Bidh e na thasglann cudromach do dhuine sam bith a tha ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mun Ghàidhealtachd ?s na h-Eileanan, gu h-àraidh eachdraidh, dualchas agus Gàidhlig. Tha sgioba a? phroiseact a-nis trang a? digiteachadh fiosrachaidh a tha taisgte aig Comhairle na Gàidhealtachd is ùghdarrasan eile mar Earra-ghàidheal, na h-Eileanan A-staigh agus na h-Eileanan Siar. Nochdaidh seo air an làrach-lìn deireadh na bliadhna. An-dràsta, gheibh brobhsairean gu làrach a bheir blasad dhe na bhios ri fhaotainn. Tha fiosrachadh ann air eachdraidh a? phroiseact fhèin agus mar a tha a? dol dhan obair. Tha cothrom ann cuideachd do luchd tadhail fiosrachadh a chlàradh air mar a gheibhear brath thuca airson naidheachdan a chumail riutha. ?S e baile cruinne a tha seo a bhios a? taisbeanadh dualchas na Gàidhealtachd. Tha sinn air a bhith trang o chionn bliadhna a? digiteachadh stuth à taighean tasgaidh air feadh na sgìre airson a thaisbeanadh air an làraich. Thuirt manaidsear a? phroiseact, Gail Paterson, ?Tha mi dhen bheachd gum bi mòran a? tadhal oirnn. Ged a bha am fiosrachadh ri fhaotainn roimhe, tha e uaireannan doirbh faighinn thuige air sgàth ?s far a bheil e.?
Bidh dealbhan is stuthan èisteachd rim faotainn air an làraich cho math ri stuthan sgrìobhte. Bidh e a? gabhail a-steach eadar logaichean sgoiltean, cùmhnantan bhailtean, mapaichean, tasglann dhealbhan agus clàir èisteachd Taigh Tasgaidh Chinn a? Ghiùthsaich. Bidh ceanglaichean ann gu làraich eile mar Sgoil Eòlais na h-Alba, oilthighean is colaistean. Tha dùil gun tadhail oileanaich, luchd eachdraidh, sliochd nan Gàidheal a tha a? rannsachadh nan teaghlaichean aca is muinntir na Gàidhlig, fileantaich is luchd ionnsachaidh air an làraich. Bidh an làrach dà-chànanach dha na fileantaich agus bidh gèamannan cànain ann do dhaoine a tha fhathast airson adhartas a dhèanamh sa chànan. ?Tha sinn dhen bheachd gur e daoine le ùidh sa chùis san dùthaich seo is thall thairis as motha bhios a? tadhal na làraich. Tha mòran ann an ceann a tuath Aimeiaga le ùidh ann an eachdraidh Alba is nan cinnidhean. Tha mi a? smaoineachadh gur e raon a tha ann an dualchas a tha a? fàs agus tha ùidh ann air feadh an
t-saoghail,? thuirt Mrs Paterson. ?Chan eil teagamh nach e stòr dualchais luachmhor a bhios ann.?
Thainig a? chiad smuain airson A? Bhaile bho sgrìobhaiche Chomhairle na Gàidhealtachd, Caomhain MacNèill, a bhuannaich Duais Sgrìobhaidh Iain Chrichton Mhic a? Ghobhainn. ?B?e a? bheachd a bha aig Caomhain gu bheil A? Ghàidhealtachd agus an còrr dhen t-saoghal a-nis mar bhaile cruinne oir tha e cho furasta faighinn chun a h-uile càil.? Thuirt Morag Anna NicLeòid, oifigear leasachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, ?Tha eaglais, oifis puist no talla coimhearsnachd aig gach baile. Bha e dhen bheachd gum biodh e math sin a chleachdadh airson proiseact A? Bhaile a stèidheachadh. Mar eisimpleir, nan cliocadh tu air an eaglais, gheibheadh tu sailm no fiosrachadh mu phòsaidhean. Nan cliocadh tu air an sgoil, gheibheadh tu ròlaichean sgoile agus nan cliocadh tu air an talla, gheibheadh tu fiosrachadh mu na fèisean, mòdan is cèilidhean. Cha chreid mi gu bheil càil eile coltach ris ann. Ach tha fios againn uile nach eil nì ùr fon ghrèin. Mar sin, ?s dòcha gu bheil rudeigin coltach ris sa Chuimrigh no sa Bhreatainn Bhig, ach bha sinne dhen bheachd gun robh e gu tur ùr.?
Ach tha e coltach nach e Caomhain a-mhàin a bha a? smaoineachadh mu làrach-lìn air dualchas na Gàidhealtachd. Nuair a dh?iarr Maoin nan Cothroman Ùra (NOF) tagraidhean airson cuibhreann dhen £1.5 billean aca, nochd beachdan bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Urras taigh Chearsabhagh ann an Uibhist agus West Highland Animations a bha cho coltach ri chèile ?s gun do mhol NOF a h-uile gin a thoirt còmhla fo sgèith na Comhairle. On uair sin tha Comunn na Gàidhlig, Oilthigh na Gàidhealtachd ?s nan Eilean, Iomairt na Gàidhealtachd ?s nan Eilean agus Proiseact Wayfarers Rois is Chrombaidh air taic a thoirt dhan phroiseact.
Nuair a dh? innis Daibhidh Caimbeul a tha na bhall de bhòrd NOF ann an Alba mun duais, thuirt e gun robh Am Baile agus proiseactan coltach ris a? faighinn maoin airson euchdan Alba a dhèanamh nan stòras ionnsachaidh luachmhor. ?Gleidhidh e agus nochdaidh e beartas is iomadachd eachdraidh Alba air feadh an t-saoghail,? thuirt Mgr Caimbeul. Tha an smuain a bha air cùl a? phroiseact air leasachadh thar ùine. Aig toiseach cùise bha an làrach gu bhith na mhac-samhail de bhaile air a? Ghàidhealtachd a thàlaidheadh luchd tadhail. Ach mar bu chudromaiche a dh?fhàs an làrach mar thasglann, chuireadh an smuain sin an dara taobh ach lean an t-ainm. Ach chan ann a-mhàin do luchd acadaimigeach a tha an làrach. Thathar cuideachd ag amas air a? chloinn. Air a? mhìos-sa chaidh, chuir am proiseact agus Comunn na Gàidhlig farpais chloinne air chois. Bidh duaisean airgid ann do sgoilearan agus dha na sgoiltean aca airson follaiseachd a thoirt dhan sgoil aca.
A thuilleadh air buannachdan foghlaim, tha stiùirichean a? phroiseact ag ràdh nach bi duine a-nis air an iomall seach gum faigh daoine a chleachdas e sgilean is eòlas airson pàirt a ghabhail ann an deasbad sam bith air dualchas is cànan na Gàidhealtachd ?s nan Eilean. Thuirt A? Bh.Ph. NicLeòid, a tha a-nis na ball de bhuidheann stiùiridh A? Bhaile, ?Tha daoine air leth toilichte mu dheidhinn. Seach gur e làrach-lìn a th?ann, cha bhi thu deiseil leis gu bràth. Bidh daoine a? cur ris an-còmhnaidh.? Tha i cuideachd dhen bheachd gum bi e feumail airson daoine a mhisneachadh gu bhith a? bruidhinn na Gàidhlig is ga cumail beò, ged a tha i a? smaoineachadh gur fhada bho chaill an seann chànan seo an ìomhaigh sheann-fhasanta air sgàth gu bheil ginealach òg de Ghàidheil ag obair le meadhanan ùra agus teìcneòlas coimpiutair. ?Tha forum deasbaid aig a? chomhairle air cùisean co-cheangailte ris a? Ghàidhlig agus tha 13,000 air tadhal air ged nach do dh?fhàg a h-uile duine brath,? thuirt i. ?Tha Comann an Luchd-Ionnsachaidh a? dèanamh tòrr air-loidhne agus tha an làraich fhèin aig buidhnean eile mar BBC Alba. Tha gach buidheann Gàidhlig, mar a tha gach buidheann Beurla, airson gum bi làrach aca. Ach ?s e làrach-lìn sònraichte dhan chànan a th?ann am proiseact A? Bhaile, ?s chan e rud a dh?fhàs o bhuidheann eile. ?Tha an cànan ga chleachdadh gu pongail co-cheangailte ri teicneòlas conaltaidh is fiosrachaidh. Tha clann an-diugh eòlach air coimpiutairean agus thèid aca air gluasad bho Ghàidhlig gu Beurla le suidse a bhruthadh. Bidh faclair Gàidhlig air an làraich cuideachd ach an tèid aca air coimeas a dhèanamh eadar faclan.?
Ged a tha am prìomh sgioba de sheachdnar a tha ag obair air a? phroiseact san oifis air Harbour Road de sheirbheis leabharlann Chomhairle na Gàidhealtachd, tha dùil gun tèid cunnraidharan air an taobh
a-muigh fhastadh ach an coinnich an làrach-lìn ris a? cheann latha san Dùbhlachd. Ach bidh an obair
a? fuireach sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan ma ghabhas idir.
Tha Sgioba Proiseact A? Bhaile a? toirt taing dhan Fhear-deasachaidh airson cead an t-artaigil seo fhoillseachadh air an lìon.
Thig còmhla rinn air: