Naidheachd
19 Aug 2002
Clàran Luingearachd - Turas còmhla ris A' Bhaile
Ross & Cromarty Heritage Society
1 Castle Street
Dingwall
1v1 9HU
Oifis: 01349 861555
Tha Comann Dualchais Rois agus Chrombaidh a' dèanamh obair às leth proiseact Chomhairle na Gaidhealtachd - Am Baile - the Gaelic Village, proiseact duitsiteachd Stòr nan Cothroman Ùra, aig a bheil prìomh amas làrach-lìn mòr ùr a chruthachadh a bheir cruinn-shealladh air cànain, cultar agus dualchas na Gàidhealtachd.
Tha an Comann an-dràsta fhèin ag ath-sgrìobhadh stuth à clàran luingearachd Port Inbhir Nis. Tha ùidh againn tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu luingeas, 'An Seaforth' a chaidh a thogail ann am Baile Màiri, Siorrachd Rois, sa bhliadhna 1834. B' ann le Seumas Ure, marsanta fiodha agus a chlèireach, Seumas Ure a bha i. Bha iadsan le chèile à Baile Màiri, ann an sgìre Fothraitidh; B' e sgiobair an t-soithich Iain Forsyth. Ghabhadh an luingeas luchdaich de 96 tonna, bha i 63 troigh a dh'fhaid agus 18 troigh a leud.
Nam b' urrainn dhan luchd-leughaidh agaibh tuilleadh innse dhuinn mun chlàrachadh seo anns na Clàran, gu h-àraidh air far am bu dòcha a bha an cidhe, bhiodh sinn air leth taingeil. A bharrachd air sin nam biodh neach sam bith airson cuideachadh leis an seo no càil sam bith eile a tha an Comann a' dèanamh, cuiribh fios thugainn.
Le deagh dhùrachd
Kerr Yule
Clàran Luingearachd - Turas còmhla ris A' Bhaile (ag iarraidh air an Fhàidh Eseciel ar leisgeul a ghabhail)
Eseciel C37 r3 Agus thuirt e rium, A mhic an duine, am faod na cnàmhan seo teachd beò? agus fhreagair mise, O Thighearna Dhia, agadsa tha fios.
Dìreach air an uair, thainig Christine Lodge, (Stiùiriche Susbaint & Oifigear Leasachaidh buidheann stiùiridh A' Bhaile) a-steach dhan rùm bheag a tha na oifis againn, agus a bha loma làn dhen uidheamachd teicneòlais a b' ùire. Air a sàil bha nàdar de bhogsa glas meatailteach le coltas gun tainig e às an Àirc, ach a bhuineadh do dh' àm an Dara Cogaidh. A' toirt taic dhi bha fear Andrew Wiseman (Oifigear Leasachaidh Stòras an Fhoghlaim) agus seangan air. Bha an t-eallach agus an dìreadh air foghnachdainn dha. Rinn sinn àite dhan luchd aige sa bhad.
Mhìnich Andrew an teicneòlas air cùl an leughadair fiolm a rinneadh sa Ghearmailt agus mhìnich Christine na bh'againn ri dhèanamh. Bha againn ris an fhiosrachadh a bh'air sia fiolman de Chlàran Luingearachd Port Inbhir Nis a chur air stòr data. A' coimhead gu fàthach air a' chiad chlàr dhoilleir a bha muinntir A' Bhaile a' sealltainn dhuinn, dh'fheuch mi fhèin is Bob Stevenson ri ciall a dhèanamh dhe na bha sinn a' faicinn agus a chothromachadh ris a' chlàr sampaill a chaidh ullachadh airson ar cuideachadh. Bha sinn a' dol a chlàradh fiosrachadh air cò bu leis na soithichean, na sgiobairean a bh'orra, càit an deach an togail, an luchd a ghabhadh iad, dè an seòrsa a bh'annta, etc. 'S dòcha gun robh mi ro fhada air falbh on ìomhaigh, ach shaoil leam gun robh na bha iad ag iarraidh oirnn gu math
doirbh, agus gum biodh am fiosrachadh fhèin cho tioram ri na cnàmhan a bha fa chomhair Eseciel. Thuirt Christine gun do chlàr i còig ann an dà uair a thìde ach gura h-iongantach mura dèanamaide na b'fheàrr. Chuir sinn na ceudan de cheistean oirre. Fhreagair i iad, ghuidh i turas math leinn agus thug i fhèin is Andrew an casan leotha. An aon rud a bha math mu dhidhinn 's e gum biomaid air ar pàigheadh airson nan uairean seach airson na h-obrach.
Bha cuid againn nas fheàrr na cuid eile air sgrìobhadh an latha a leughadh. Bha e na bhuannachd dha na tidsearan a bh'air an dreuchd a leigeil dhiubh a liuthad bliadhna a chuir iad seachad a' feuchainn ri sgrìobhadh nan sgoilearan a leughadh. Co-dhiù, bha sinn air bhog. Bha feum air airgead airson a' mhàil etc. Ach cha robh sinn uabhasach fada air an 'Turas Rannsachaidh' nuair a fhuair sinn duais ar saothrach. Mar bu mhisneachaile a bha sinn a' fàs, 's ann bu phailte na duaisean. Anns na clàran tràtha, a' tòiseachadh ann an 1811, bha luchd an t-soithich air innse chun a' 94mh a b'fhaisge de thunna. Cha robh sinn a' tuigsinn carson a bha na bloighean mar sin. Mar a thachair, thadhail fear Reg Holder air an oifis agus thug e dhuinn lethbhreac de 'Naval Architecture and Ship Construction' le Robert S. Hogg far an do lorg sinn am mìneachadh seo - 'Thòisich siostam ann an 1773 air an robh Seann Tomhas an Luchd Togail agus lean e air gu 1835. Bha an tomhas seo a' feuchainn ri tomhas lìonaidh an t-soithich innse ann an aonad tomhais fuadain de 94 troigh ciùbach an tunna. Tha beachd ann gun tainig am facal tunnage o dhòigh tomhais tràth a bha stèidhte air an rùm a dh' fheumadh tunna fìon.'
Dhatharraich cùisean an dèidh sin agus bha an luchd a' nochdadh chun an 3500mh de thunna agus bha seo gu math na b'fhaisge air a bhith ceart. Carson a dh'fheumadh e bhith cho ceart? Saoil an ann air sgàth nan cìsean a bha a' tighinn air an neach dham buineadh an soitheach? Gu fortanach, fhuair sinn co-dhiù cuid de fhreagairt na ceist seo nuair a lorg sinn na cosgaisean clàraidh seo airson 1832.
Eadar 15 is 50 tunna £100
Eader 50 is 100 tunna £300
Eader 100 is 200 tunna £500
Eader 200 is 300 tunna £800
Eader 300 is £1000
Tha na cosgaisean seo air leth àrd nuair a smaoinicheas tu gun robh duine a bha ag obair air tuathanas a' cosnadh £20 sa bhliadhna, a' gabhail a-steach bìdhe, agus saor mu £30. (New Statistical Account for the Parish of Dingwall - Am Màrt 1837). An dùil an robh neach tomhais 'Braes O' Moray' a' faighinn duais bheag gun fhios nuair a chaidh a tomhas aig 99 agus 3448/3500 tunna? Nan robh unnsa no dhà eile air a bhith innte, bhiodh i air £200 a bharrachd a chosg do Robert Brander, am fear leis an robh i.
Bha a' chiad chlàradh a chuir iongnadh oirnn mun 'Argo' - birlinn de 68 tunna. Bha am freagairt annasach seo ann dhan cheist air càit an do thogadh i: 'chaidh an soitheach a chumail air ais sa phort' agus thainig i gu bhith na duais aig Comann nan Àrd-mharaichean. Gun teagamh bha Cogadh Napoleon a- dol aig an àm ach cha do smaoinich duine againn gum biodh creach mar seo air a chlàradh ann am Port Inbhir Nis agus ag obair ann an dòigh cho tur eadar-dhealaichte seach mar a bha i o thùs.
B'e an 'Stirling' a' chiad bhàta smùide a chaidh a chlàradh ann an Inbhir Nis. Bha sin ann an 1824 agus b'e slup de 40 tunna a bh'innte. Chaidh a togail ann an Cinn Chàrdainn ann an 1814. Bhuineadh i do bhuidheann à Gleann Mhoireasdain agus 's iongantach mura h-ann air Loch Nis a bha i ag obair.
Aig deireadh a' chiad fiolm, dìreach mus do thòisich sinn a' cunntas nan uairean a thug sinn air an obair, rinn sinn oidhirp eile air cuid dhe na clàir a dh'fhairtlich oirnn. Sa cholbh mun t-seòrsa soithich, bha e furasta gu leòr 'smacks,' 'schooners,' 'sloops' a dhèanamh a-mach - fiù 's 'snows' nuair a dh?innis Bob Stevenson dhuinn gur e soitheach a bha aca ann an Tuineachaidhean Aimeireaga a bha sin. Chan fheumadh i bhith cho domhainn san uisge agus bha i uaireannan na b'fhasa a làimhseachadh na bha na soithichean frithealaidh Breatannach a bha romhpa ann an Cogadh na Saorsa ann an Aimeireaga. Uaireannan thuigeadh tu facal an dèidh greiseag air falbh bhuaithe. B'e 'Hermaphrodite' fear dhiubh sin. Dhearbh am faclair gun robh gu dearbha a leithid de shoitheach ann ' soitheach le dà chrann, uidheamaichte le siùil cheàrnagach air a' chrann toisich agus gun shiùil ceàrnagach air a' chrann deiridh. Nach e bhiodh math a-nis nam b'e seo a' cheist dheireannach air 'Who Wants to be a Millionaire.'
Agus ainmean nan soithichean - 'Hope' à Inbhir Narainn, 'Hazard' à Inbhir Nis, am 'Marquis of Graham' a thogadh ann an Steòrnabhagh, am 'Peggy' à Ceasaig, an 'Reform' a thogadh mar a shaoileadh tu ann an 1832 - gach tè a' cuimhneachadh dhaoine, àitichean is rudan a thachair. Tha sinn an dòchas gun robh am 'Frolic,' a bhuineadh do dh' Alasdair is Ùisdean MacCoinnich à Loch Carrann, cho math ri h-ainm is gun do ghlac iad mòran leatha. Cha mhotha 's e dìreach bàta ràimh a bh'ann am 'Maggie; chaidh a clàradh aig 63 tunna. Agus airson rudan a chumail san teaghlach, bhuineadh 'Stephens' à Inbhir Nis do dh' Iain Stephen, agus a mhac, Iain Stephen. B'e am fear òg a thog i agus bha athair na sgiobair.
Bha rudan annasach am measg ainmean nan daoine dham buineadh na soithichean cuideachd. Bha cuid dhiubh le boireannaich mar na 'Helens' a chaidh a chlàradh ann an 1845. Bha na 64 earrann gu lèir le Helen Whyte, Sràid Telford, Inbhir Nis agus Janet Whyte à New York, Aimeireaga. Bha Iain MacMhathain às an Eilean Sgitheanach na sgiobair air slup 40 tunna air an robh 'Roderick.' B'e fear taigh òsta a bh'ann air tìr. Bha na 64 earrann san 'Inverness' le sia duine deug. Bha 14 dhiubh le Sìm Friseal agus bha aonan aig marsanta eile, Seumas Forsythe, An t-Sràid Ùr.
Chailleadh cuid mhath dhe na soithichean a chaidh a chlàradh; chaidh am 'Bornham,' a bhuineadh do dh'Eideard Friseal à Inbhir Nis, fodha san Damhair 1818 dìreach dà mhìos an dèidh a cur air bhog. An robh àrachas oirre? An do chuir call an t-saoithich às do dhreuchd an Fhrisealaich mar neach-tionnsgain? Cha mhotha bha guth air dè dh'èirich dhan chriutha no air na teaghlaichean a bha a' feitheamh aig an taigh; dìreach 'wrecked' ann am faclan mòra air a' chlàr. Uaireannan dheaghadh daoine air am mionnan ag ràdh gun do chailleadh soitheach aig muir. Chaidh am 'Providence' a thogail ann an Albha ann an 1786 agus a clàradh 'de nuovo' ann an 1845. Chan ann a-mhàin na
h-ainm a bha freastal oir mhair i 59 bliadhna fo sheòl. Chaidh an 'Elizabeth Nairn' slup de 31 tunna, a thogail ann an Lìte ann an 1825. 'S ann air an tràigh sa Phloc a thainig a' chrìoch an dèidh 61 bliadhna. Cha robh feum innte an uair sin ach mar bhiorain san teine. San fharsaingeachd, b'e a' bheachd a bh'againn nach robh fir is mnathan thapaidh, mhisneachail gann san sgìre eadar 1840 is 1860. 'S gann gun gabhadh cuid dhe na leugh sinn a chreidsinn m.e. an 'Seaforth,' soitheach a bha 64 troigh de dh'fhaid agus san robh 94 tunna de chuideam, a thogadh ann am Baile Màiri ann an 1836. Bhuineadh i do Sheumas Ure, ceannaiche fiodha, agus an clèireach aige, Seumas Yule (an dùil an robh e càirdeach dhomh?). B'e Iain Forsythe an sgiobair a bh'oirre. Càit am biodh an laimrig? Thairg fear a bhios ri àrsaidheachd mar chur-seachad, agus aig a bheil lorgaire meatailt cumhachdach, coimhead air làraich. Fhuaradh beachdan inntinneach cuideachd an dèidh litir a chur dhan 'Ross-shire Journal.'
Ach airson a' bheathaich ghlais a bha siud a bhiodh a' leughadh fiolm, cha robh càil a b'fheàrr leis na bhith a' cnàmh a chuid solais. Le bolgan a' cosg £30, chuir sinn bhuainn e agus fhuair sinn fear eile a tha fhathast a' soillseachadh gach nì gu math.
Eseciel C37 r10 Is amhuil a rinn mise fàistneachd mar a dh'àithneadh dhomh, agus thainig an anail don ionnsaigh, agus dh'fhàs iad beò, agus sheas iad air an casan, armailt anbharr mòr.
Ach foghnaidh siud airson ur n-ùidh a thogail, biodh sibh nur neach eachdraidh teaghlaich, àrsair, sgrìobhadair a' lorg smuaintean, neach le ùidh ann an luingearachd no rud sam bith eile. Aig toiseach cùise bha muinntir Chomann Dhualchais Rois is Chrombaidh dhen bheachd gun robh iad gu bhith
a' clàradh fiosrachadh a bhiodh cho tioram ri na cnàmhan ann am bruadar Eseciel. Ach, mar na cnàmhan sin, dh'fhàs iad beò air an 'Turas Rannsachaidh' agus cha robh duine againn airson cas a chur air ais air tìr. Ged nach biodh ann ach na caraidean ùra a th'againn ri linn a bhith a' cur na feòla air cnàmhan lom nan clàran oifigeil.
'S e a' cheist a-nis, cò tro na linntean a thig air bòrd A' Bhaile a rannsachadh sna soithichean eleactronaigeach aca, na PCs agus na Macs. Tha aon nì cinnteach. Bidh de stuth ri fhaotainn air an làrach lìn seo gum mair an turas aca nas fhaide na turas mòr Odysseus agus gum bi e pailt cho cudromach dhaibh. Ach biodh iad air am faiceall nuair a tha iad a rannsachadh. Coinnichidh iad ri maighdeannan meallta air an t-slighe a dhfhalbhas leotha gu iomadh àite àghmhor eile.
Kerr Yule
Inbhir Pheotharain
An Lùnastal 2002
P.S. Saoil càit an do chlàr Odysseus an soitheach aige?
Thig còmhla rinn air: