Naidheachd
12 Aug 2009
Co-labhairt eadar-nàiseanta eachdraidh na h-Alba gu bhith an Inbhir Nis
Cruinnichidh còrr is 30 sàr luchd-eachdraidh bho air feadh an t-saoghail ann an Inbhir Nis bho 22 gu 24 Dàmhair am-bliadhna gus deasbaireachd is deasbad mu thabhartas na h-Alba don t-saoghal as fharsainge.
Tha co-labhairt Buaidh Chruinneil na h-Alba na prìomh phàirt de Thilleadh Dhachaigh dhan Ghàidhealtachd, an fhèis ealain, chultair is chomharrachaidh dà-sheachdaineach bhon 19mh gu 31mh Dàmhair.
Thèid a' cho-labhairt fhosgladh leis a' Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond is bidh Lesley Riddoch bhon BhBC sa chathair. Bidh grunn luchd-labhairt chonnspaideach aig a' cho-labhairt ' Eric Richards, ùghdar Patrick Sellar and the Highland Clearances nam measg. Bidh an Dr Tony Pollard bho Two Men in a Trench agus an sgrìobhadair is an seinneadair Dr Mairead Bennett ann cuideachd.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Jim Hunter, Stiùiriche Ionad Eachdraidh OGE, "Thairis air na 700 bliadhna mu dheireadh tha na milleanan de dhaoine air cladaichean na h-Alba fhàgail, an toiseach airson na Roinn Eòrpa is an uair sin airson cinn-uidhe nas fhaide air falbh mar na Stàitean Aonaichte, Canada, Astràilia agus Sealainn Nuadh. Agus ge brith càite an deach iad, tha Albannaich air cumadh is uaireannan crathadh a thoirt air na dùthchannan a thàinig gu bhith nan dachannan uchd-mhachdaichte dhaibh.
"Bheir an tachartas iongantach seo mòran am follais mu mhuinntir na h-Alba, a' sgrùdadh carson a dh'fhàg iad an dùthaich fhèin thairis air iomadh linn is a' rannsachadh na buaidh air leth a tha air a bhith aig an dùthaich bhig seo air a' chòrr den phlanaid againn. Bidh e cuideachd a' sgrùdadh nam buaidhean a tha air a bhith aig imrich gu ruige Alba, bho mar a thàinig na Gàidheil bho chionn còrr is 1500 bliadhna gu inimrich bho chionn ghoirid às a' Phòlainn."
Bidh luchd-labhairt ainmeil eile ann mar an t-Àrd-Ollamh Ferenc Szasz, a thig à Oilthigh Mheagsago Nuadh gus bruidhinn mu na beathannan co-cheangailte aig Raibeart Burns agus Abraham Lincoln; Dr Philomena de Lima; agus Lt Col Iain Mac a' Phearsain MacCullaich a tha a' tighinn bho Halifax, Alba Nuadh.
Bidh Buaidh Chruinneil na h-Alba a' gabhail àite ann an Taigh-cluich Eden Court bho Dhiardaoin 22 gu Disathairne 24 Dàmhair. Faodar tiogaidean a ghleidheadh ro-làimh airson làithean fa leth no airson an tachartais gu lèir.
Bhon 19 chun an 31 Dàmhair bidh prògram loma-làn de thachartasan cultarail a' gabhail àite - ealain, ceòl, tadhalan gu làraich eachdraidheil san sgìre, òraidean is co-labhairtean neo-fhoirmeil - air an tabhann air feadh na Gàidhealtachd mar phàirt de Thilleadh Dhachaigh dhan Ghàidhealtachd.
Airson fiosrachadh nas mionaidiche mu phrògram Buaidh Chruinneil na h-Alba, thig gu
www.scotlandsglobalimpact.com
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Thilleadh Dhachaigh dhan Ghàidhealtachd thig gu www.highlandeventsandfestivals.com
Crìoch
An robh fios agad:
+ B' e inimriche às Èirinn a bha sa chiad naomh phàtranach aig Alba, ris an deach gabhail fada ro Naomh Anndra.
+ B' ann às Siorrachd Obar Dheathain a bha an duine a chuidich an Tsar Peadar Uabhrach gus armachd ìmpireil na Ruis a chruthachadh.
+ Shuidhich iomadh mìle Albannach iad fhèin sa Phòlainn fada mus do chuir Albannach sam bith cas air tìr ann an Ameireaga.
Thig còmhla rinn air: