Naidheachd
03 Sep 2008
Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis a' Sireadh Taic
Tha suidheachadh a' chompanaidh-adhair Zoom, air droch bhuaidh a thoirt air Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha a' chòisir chliùiteach air a bhith ag ullachadh airson cuairt a-null a Cheap Breatainn gus pàirt a ghabhail san fhèis chiùil eadar-nàiseanta, Celtic Colours agus bha i air barrachd na £7,000 a chosg air tiogaidean.
Thathas a smaoineachadh gun cosg tiogaidean ùra faisg air £20,000. Thuirt Fiona Nic Coinnich a tha na ball sa chòisir nach eil aca ach còig seachdainnean gus an airgead a thogail
Faodaidh duine sam bith a tha airson taic a thabhachd fios a chuir gu Fiona air 07818630616, no post-d
info@fionamackenzie.org, no faodar tabhartas a thoirt air loidhne aig
www.fionamackenzie.org
Thig còmhla rinn air: