Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Tain Charter 1529

Naidheachd

03 Jul 2001
Comhairle na Gàidhealtachd os cionn Pròiseact Gàidhlig a' Bhaile
Tha Comhairle na Gàidhealtachd gu bhith os cionn pròiseact air an eadar-lìon a tha ag amas air dualchas na Gàidhlig a ghleidheadh le bhith ga thoirt fa chomhair choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd is daoine air feadh an t-saoghail a thadhaileas air an lion.

Fhuair a' Chomhairle £900,000 bho Mhaoin nan Cothroman Ùra, tro Sheirbheis nan Leabharlann. Bidh am buidheann seo a' sgaoileadh airgid on chrannchur gu "cùisean matha." Ri linn seo bidh stuthan dualchais is cànain rim faotainn gu digiteach agus brosnaichidh e ùidh sa chànan. Bidh feartan eadar-ghnìomhach ann a nì tarraingeach e do chloinn.

Le bhith a' cruthachadh 'Am Baile,' baile Gàidhlig air an lion, bidh a' Chomhairle ag obair còmhla ri Urras Taigh Chearsabhaigh agus West Highland Animation agus tha iad a' faighinn taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid, Comunn na Gàidhlig, Oilthigh na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd agus am pròiseact Wayfarers aig Ros is Crombaigh.

Thuirt Mgr Stuart Brownlee, Ceannard nan Leabharlann 's nan Tasglann aig Comhairle na Gàidhealtachd: "Tha an duais seo bho Iomairt nan Cothroman Ùra ag aithneachadh cho làidir, inntinneach is cudromach 's a tha ar lèirsinn ann a bhith a' leudachadh cothrom do dhaoine air feadh an t-saoghail air prìomh chruinnichidhean na Gàidhlig 's a dualchas agus saoghal na Gàidhlig.

"Cuidichidh an £900,000 gu bhith a' coileanadh ar n-amasan, agus chan iarradh an consortium toiseach tòiseachaidh na b'fheàrr dhan phròiseact digiteachaidh. Cuiridh e ar dualchas air an lion agus bheir e fiosrachadh air dualchas is dòigh beatha na Gàidhealtachd. Bheir an duais spionnadh dhan tionndadh ionnachaidh air a' Ghàidhealtach agus sna h-Eileanan."

Thuirt e gun toireadh an làrach cothrom dà-chànanach air stuthan mar leabhraichean latha sgoiltean, mapaichean, dealbhan tasglann na Gàidhealtachd agus clàraidhean Taigh Tasgaidh Chinn a' Ghiùthsaigh.


air ais gu naidheachda

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village