Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Tain Charter 1529

Naidheachd

23 Oct 2006
Leasachaidhean Ùra
Bidh thu air an aire a thoirt gu bheil atharrachaidhean air tighinn air làrach-lìn A' Bhaile bho chionn ghoirid. 'S e an duilleag dachaigh ùr an t-atharrachadh as motha a chì daoine. Chaidh dà dhuilleig a leasachadh, an duilleag aghaidh agus an duilleag dachaigh. Tha an duilleag aghaidh a' leigeil leat taghadh a dhèanamh air dè an cànan a tha thu ag iarraidh a chleachdadh agus cuideachd tha taghadh farsaing de cheanglaichean ann a bheir gu àiteachan eile anns an làraich thu. Tha mòran cheanglaichean ùra air a' phrìomh dhuilleig dachaigh ùr a tha sinn an dòchas a bheir barrachd tlachd dhut an uair a bhios tu air an làraich:

Nì an latha
Bidh nì eadar-dhealaichte bho thasglann A' Bhaile air a thaisbeanadh a h-uile latha, agus a bharrachd air a bhith air an duilleig dachaigh, faodar fhaighinn mar RSS a ghabhas a bhith air a chur dìreach chun a' choimpiutair agad no air a chur air an làrach-lìn agad. Gheibhear ceangal gu comhairle air ciamar a dhèanar seo air duilleag dachaigh A' Bhaile.

Clàr-innse na Làraich
Tha na duilleagan seo a' toirt slighe eile a-steach dhan tasglann le bhith a' toirt còmhla ar cruinneachaidhean ann am meadhanan eadar-dhealaichte, me fuaim, leabhraichean, dealbhan agus mapaichean msaa

Aon uair 's gu bheil thu a' sealltainn tro na h-ìomhaighean air A' Bhaile, chì thu gu bheil rudan ùra eile air an làraich cuideachd.

Seall air Map
Bidh an roghainn seo glè fheumail dhaibhsan nach eil buileach cho eòlach air cruinn-eòlas na Gàidhealtachd. Ma dh'fhosglar seo, nochdaidh map a tha a' sealltainn far a bheil a' pharaiste ris a bheil ceangal aig an ìomhaigh air a còmhdach ann an dearg.

Thoir Beachd
Tha an comas air a bhith aig luchd-cleachdaidh air làrach A' Bhaile fios a leigeil thugainn mu ìomhaighean air an làraich ach tha seo a-nis eadhon nas fhasa. Nam bu toigh leat rud sam bith a bharrachd innse dhuinn no ma tha fiosrachadh a bharrachd sam bith agad mu dhealbh, no ma chì thu mearachdan sam bith, no innis dhuinn dè an dealbh as fheàrr a tha a' còrdadh riut (dh'fhaodamaid eadhon a nochdadh air 'Nì an latha'), an uair sin brùth air a' phutan agus lìon an fhoirm.

Deilbh Leudachail
Tha 'Deilbh Leudachail' ùr cuideachd air A' Bhaile. Tha iomadach dealbh ann a gheibh togail bhon chothrom leudachaidh seo. Chithear a' chiad roghainn dhe na dealbhan seo ann an 'Rudan as inntinniche' air an làrach dachaigh. Gus an dealbh leudachail fhaicinn chan eil agad ach bruthadh oirre gus a dhol nas dlùithe air an dealbh agus na cumhachdan a chleachdadh gus a gluasad mun cuairt.

Ar Buidhnean Compàirteachaidh
Tha sinn air duilleag nam Buidhnean Compàirteachaidh a chruthachadh gus aithne a thoirt do dhaoine fa-leth, buidhnean agus comainn a tha air a bhith a' cuideachadh gus Am Baile a dhèanamh soirbheachail.

Raon an Fhoghlaim
Tha sinn air iomadach goireas ionnsachaidh a chruthachadh anns am bi ùidh acasan aig a tha ag iarraidh barrachd ionnsachadh mun Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, ged a b' ann do luchd-teagaisg agus do sgoilearan a chaidh a dhealbh.

Tha an earrann 'Bidh iad seo feumail cuideachd' a' toirt barrachd fiosrachaidh dhut air ciamar a tha sinn ag obair le daoine eile agus tha an earrann 'Ùr air an Làraich' a' leigeil leinn rudan ùra a thoirt am follais.

Agus na dìochuimhnich 'Do leabhran fiosrachaidh fhèin' agus 'Do Sgeulachdan'. Tha na leasachaidhean ùra seo a-nis air an cruinneachadh còmhla ann an 'Am Baile Agadsa'.

Mu dheireadh, tha sinn cuideachd air teacsa chuspairean ath-sgrìobhadh agus a-nis tha iad a' ceangal ri leabhar-chlàr catalog Leabharlainn, ga dhèanamh nas fhasa na leabhraichean a lorg.

Tha sinn daonnan a' coimhead air dòighean gus an làrach-lìn a leasachadh agus ma tha beachdan, ceistean no molaidhean sam bith agad, leig fios thugainn - tha sinn ag iarraidh fiosrachadh bhuat.

air ais gu naidheachda

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village