Naidheachd
03 Aug 2006
Òraid Bhliadhnail OGE/UHI
Tha ar càirdean aig Institiud nam Mìle Bliadhna OGE (UHI Millenium Institute) a' dèanamh an Òraid Bhliadhnail aig Cathair-eaglais Dhòrnaich Dihaoine 29mh Sultainn. 'S e an t-Ollamh Tom Devine, cathair Sir Uilleam Friseal airson Eachdraidh Alba agus Rannsachadh Lamh-Sgrìobhaidhean Aosta, Oilthigh Dhun Èidinn, a bhios a' bruidhinn. Bidh e
a' beachdachadh air an aobhar a tha na Fògraidhean Gàidhealach air an uimhir de dh'ùidh a tharraing ged a bha tachartasan coltach ris air a' Ghalltachd air an leigeil air dìochuimhn. Lorgar barrachd fios mun òraid aig www.uhi.ac.uk/annual_lecture.
Thig còmhla rinn air: