Naidheachd
15 Nov 2004
DUAIS DO LÀRACH-LÌN EACHDRAIDH NA GAIDHEALTACHD
An-diugh, fhuair làrach-lìn a chruthaich Comhairle na Gaidhealtachd duais bho Urras Sheirbheisean nan Leabharlann san earrainn neo-sgrìobhte ann an Duaisean Eachdraidh Sgìreil Alan Ball 2004.
Ann an Comataidh Foghlaim, Cultar is Spòrs na Comhairle an-diugh fhuair an Comhairliche, Hamish Friseal, Iar-chathraiche (Gàidhlig) plac bho Mhìcheal Saich, Cathraiche Urras Sheirbheisean nan Leabharlann às leth sgioba làrach-lìn A' Bhaile.
A-nis san 20mh bliadhna, chaidh Duaisean Alan Ball a stèidheachadh gus leabharlainn phoblach is ùghdarrasan ionadail a bhrosnachadh gu bhith a' foillseachadh eachdraidh sgìreil. Am bliadhna, bha na breitheamhan toilichte gun robh barrachd thagraidhean neo-sgrìobhte ann agus bha Am Baile aig Comhairle na Gaidhealtachd air fear dhe na trì a fhuair duais. B'e na dhà eile Comhairle Newcastle Upon Tyne agus Comhairle Siorrachd Nottingham.
A' toirt seachad na duais, thuirt Mìcheal Saich: "Tha mi glè thoilichte a bhith ann an Inbhir Nis airson Duais Alan Ball a thoirt do Chomhairle na Gaidhealtachd. Seo a' chiad turas a fhuair pìos neo-sgrìobhte duais cho cudromach. Chòrd an stiùireadh mionaideach mu eachdraidh is dualchas na Gaidhealtachd ri na britheamhan."
Thuirt an comhairliche Friseal: "Tha e na urram mòr a bhith a' faighinn na duais seo às leth Chomhairle na Gaidhealtachd. Tha mi uabhasach toilichte gur e an làrach-lìn dhà-chànanach "Am Baile", a' chiad phìos neo-sgrìobhte a choisinn Duais Allan Ball."
Tha Am Baile (www.ambaile.org.uk) na stòras do dhuine sam bith le ùidh ann an eachdraidh, dualchas is cànan na Gaidhealtachd agus gabhaidh e chleachdadh ann an Gàidhlig no Beurla. Tha dealbhan ann, soillearachaidhean, leabhraichean is sgrìobhainnean tearc a thuilleadh air fiolmaichean goirid, fuaimean, geamannan eadar-ghnìomhail agus coimigean. Tha an làrach-lìn a' còrdadh gu mòr ri daoine agus tha mu 19,000 neach a' tadhal oirre gach mìos.
Thig còmhla rinn air: