Naidheachd
27 Mar 2003
Chloinn Snneachda
Chaidh an ìomhaigh seo a chleachdadh le Pròiseact A' Bhaile an uiridh airson na cairt Nollaig aca, agus 's e pàirt de Thasglann Dhealbhan na Gàidhealtachd a th' ann, a bhios air a thaisbeanadh gu mòr air làrach-lìn A' Bhaile.
'S e a' chlann (on làimh chlìchun na làimh dheis), Aonghas Mac Mhathain, Sheila Nic Aoidh agus Iain Mac a' Phearsain.
Bha iad uile nan sgoilearan ann am Bunsgoil Dheimhidh nuair a chaidh an dealbh a thogail tràth anns na 1950an le Seumas Nairn, dealbhadair ainmeil à Inbhir Nis.
O nochd an dealbh anns an Inverness Courier fhuair sinn a-mach gu bheil Iain Mac a' Phearsain fhathast anns an sgìre, na thuathanach ann am Fàrr; b'e nighean Maighstir an Stèisein ann an Deimhidh a bh'ann an Sheila, tha i na tidsear 's a tha i a-nis a' fuireach ann am Farrais; agus b' e Aonghas mac cìobair aig Tuathanas na Creige Mòire. Dh'fhàg Aonghas sgìre Inbhir Nis goirid as dèidh dhan dealbh a bhith air a togail agus tha e a-nis na phost ann an Inbhir Pheofharain.
Thèid làrach-lìn A' Bhaile fhoillseachadh air an 22mh dhen Cheitean 2003, nuair a bheirear clann an t-sneachda còmhla a-rithist, thathar an dòchas.
Tha an sgeulachd seo air aire Maoin nan Cothroman Ùra a ghlacadh, 's tha dùil aca tighinn a dh' Inbhir Nis airson pìos goirid mu Chloinn Snneachda A' Bhaile a chlàradh. Thèid seo a chleachdadh aig foillseachadh an làrach-lìn Enrichuk anns a' Mhàrt, airson taobh nan daoine de DHIGITEACHADH a shealltainn.
Thig còmhla rinn air: