Naidheachd
05 Jan 2004
FARPAIS AIR LÀRACH-LÌN DO DH'ÒIGRIDH LE ÙIDH ANN AN DUALCHAS
Tha 10 ceistean sa cho-fharpais a tha air a dhealbh gus clann a bhrosnachadh gu bhith a'faighinn a-mach tuilleadh mu Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Alba sna linntean a dh'fhalbh. Tha na freagairtean gu lèir air làrach A' Bhaile aig www.ambaile.org.uk, agus gheibh ochd duine deug a bhuannaicheas eàrlas leabhair £10.
Tha mòran dhealbhan iongantach air an làraich a tha a' toirt deagh dhealbh dhuinn air an àm a dh'fhalbh. Tha sgrìobhainnean is leabhraichean inntinneach ann cuideachd a bharrachd air fiolman goirid, fuaimean, geamannan eadar-ghnìomhail agus dealbhan èibhinn stèidhte air sgeulachdan dualchasach na Gàidhealtachd.
'S e Dihaoine 13 An Gearran 2004 an latha mu dheireadh airson feuchainn air an fharpais. Gheibhear bileagan tagraidh san leabharlann agus bu chòir do thagraichean an uair sin a dhol gu www.ambaile.org.uk agus tòiseachadh. Mura bheil cothrom aig duine air an eadar-lìon aig an taigh, gheibhear sin an asgaidh san leabharlann.
Tha Am Baile na stòr shònraichte do dhuine sam bith le ùidh ann an eachdraidh is dualchas na Gaidhealtachd, agus faodar a chleachdadh ann an Gàidhlig 's ann am Beurla. Tha còrr is 6500 pìos fiosrachaidh air an làraich an-dràsta le 10,000 eile a' feitheamh ri dhol oirre. Tha stuth ùr ga chur rithe an còmhnaidh, mar na clàir inntinneach on chùirt a tha a'dol air ais gu 1750 agus tuilleadh dhealbhannnan.
Tha Am Baile air a riaghladh le Comhairle na Gaidhealtachd ann an co-bhanntachd ri West Highland Animation, a tha stèidhte ann an Gaidhealtachd Pheairt agus Urras Taigh Chearsabhagh, buidheann dualchais is ealain à Uibhist a Tuath. Fhuair am pròiseact taic airgid bhon Mhaoin airson Chothroman Ùra (NOF).
'S e Am Baile an dara pròiseact as motha a-mach à naoi a tha a' gabhail pàirt sa phròiseact EnrichScotland, pròiseact foghlaim fhad-bheatha le luach £6 millean, a tha ag amas air taic a thoirt do dh'fhoghlam fhad-bheatha ann an Alba, dleastanas-dùthcha agus mothachadh air dualchas. 'S e EnrichScotland am pròiseact oideachaidh as motha air-loidhne ann am Breatainn le taic o NOF agus bheir e cothrom do dhaoine air feadh an t-saoghail air tasglainn is clàir eachdraidheil na h-Alba. Tha e a' toirt raon farsaing de cho-bhanntachdan còmhla a tha a' riochdachadh coimhearsnachdan Alba. Nam measg tha buidhnean saor-thoileach, ùghdarrasan ionadail, leabharlainn, taighean-tasgaidh, foghlam àrd ìre agus an roinn phrìobhaideach. Tha iad uile a' toirt taic do dh'fhoghlam fhad-bheatha fo na trì cuspairean: dualchas, dleastanas-dùthcha agus sgilean ùra.
Tha am prògram didsiotachaidh, sa bheil luach £50 millean, a' ruith air feadh Bhreatainn agus air a dhealbh le NOF gus stuth oideachaidh is stòras a tha an-dràsta ann an gailearaidhean, leabharlainn, taighean-tasgaidh is oilthighean a chur a-steach dha na dachaighean agus na coimhearsnachdan. Thug a' Mhaoin, a tha ga sgaoileadh on Chrannchur Nàiseanta, taic-airgid do150 buidheann, mòr is beag, air feadh Bhreatainn, a tha ag atharrachadh caochladh mòr stuthan gu cruth didsiotach. Tha an stuth a' gabhail a-steach raon farsaing de stuth air cuspairean mar airceòlas, stuthan mara, ailtireachd, na h-ealain fhìnealta, eachdraidh is beul-aithris.
Thig còmhla rinn air: