Tha Cruthan Tìre Litreachais ùr air an làraich, Am Baile – mapa eadar-ghnìomhail le ùghdaran an là an-diugh agus an-dè, a fhuair brosnachadh o chruthan tìre na Gàidhealtachd is nan Eilean. O Inbhir Ùige gu Cinn Loch Chill' Chiarain agus o Uibhist a Deas gu Ceann a' Ghiùthsaich, gliog air a' mhap is ionnsaich mu sgrìobhadairean ceangailte ri sgìre àraidh.Tha stuth taiceil claistinneach agus bhidio, le dealbhan, dealbhan camara agus reacòrdadh claistinneach nam measg, an cois tuairisgeul gach ùghdair. Tha eachdraidh-beatha goirid air a leantainn le taghadh air leabhar-chlàr le ceanglaichean gu catalog air-loidhne Leabharlainn na Gàidhealtachd. Am measg nam faidhlean fuaim tha ùghdaran a' leughadh on obair fhèin agus sgoilearan no daoine eile san sgìre a' leughadh o obair ùghdaran o àm seachad.
'S e pròiseact leantainneach a th' ann an Cruthan Tìre Litreachais agus bidh ùghdaran ùra air an cur ris gu cunbhalach. Ma tha an t-ùghdar as fheàrr leat a dhìth on chiad taghadh againn, nochdaidh i/e a dh'aithghearr, tha sinn an dòchas; mura nochd, cuir fios thugainn ag innse do mhiann. Tha sinn a' cur ann, chan e a-mhàin sgrìobhadairean a tha ag obair 's a' fuireach air a' Ghàidhealtachd, ach cuideachd ùghdaran a thadhail agus a chaidh an cur gu sgrìobhadh rosg no bàrdachd le na chunnaic iad. Mas e sgrìobhadair a th' annad a fhuair cùis-sgrìobhaidh o Ghàidhealtachd no Eileanan na h-Alba, agus gum bu toigh leat nochdadh ann an Cruthan Tìre Litreachais, cuir fios thugainn.



