Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd


A' sealg an dòbhrain



Priont an Duilleag Seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr


AINM A'CHRUINNEACHAIDH: The Otter Hunting
Le Alexander Stewart

Tha seo on leabhar 'Nether Lochaber', leis an Urr Alasdair Stiùbhart, a bha na mhinistear ann am parraist Bhaile Chaolais is Àrd Ghobhar. Chaidh an leabhar fhoillseachadh le Uilleam MacPhàdraig à Dùn Eideann ann an 1883 is tha e a' toirt iomradh air eachdraidh nàdarra, uirsgeulan is beul-aithris thaobh siar na Gàidhealtachd. Seo na thuirt e mu dhòbhran an toir air iasg


Tha an cladach mu Rubha Chuilcheanna sìtheil, fasgach. 'S ann ainneamh a tha duine ga thadhal ach sinn fhèin aig an àm seo dhen bhliadhna. Ach air feasgar an

t-seachdain seo chaidh agus sinn a' snàigeil am measg nan creagan a' coimhead nan lachan-mara, nach ann a chunnaic sinn euchdan san uisge nach fhaca sinn riamh a leithid. Gu dearbh, cha robh dùil againn gun deaghadh aig beathach dà-chasach no ceithir-chasach air a leithid a dhèanamh ann an eileamaid dha nach buineadh e.



Bha sinn nar crùban eadar dà chreig mhòir agus chitheamaid na lachan-mara gun iadsan sinne fhaicinn. Bha iad a' seòladh gu grinn air uachdar fuar na mara gun spòg a' gluasad. Gu h-obann, leum rudeigin dorcha chun an uachdair faisg air a' chladach agus chaidh e an uair sin à fianais pailt cho luath.



Shaoil leinn gur e ròn a bh' ann an tòir air iasg. Ach, nuair a nochd e a-rithist an ceann mionaid no mar sin, bha sinn air ar dòigh glan nuair a chunnaic sinn nach e ròn a bh' ann ach dòbhran mòr an tòir air iasg math airson na suipearach agus cò chuireadh coire air airson sin? Le cho dian 's a bha an tòir air, feumaidh gu robh acras eagalach air 's nach robh e air càil ithe on oidhche roimhe sin. Mar as trice, 's ann dìreach air an ionnairidh no air an oidhche a bhios an dòbhran (Lutra vulgaris) ag ithe. Chan fhaca tu càil riamh cho grinn 's cho sgileil ris an dòigh a bha an dòbhran a' dol an sàs san obair dhoirbh seo. Bha e cho fada is cho sùbailte na bhodhaig ris an easgainn. Bha e a' tionndadh 's a' toinneamh an taobh ud 's an taobh ud eile dìreach mar a bha an t-iasg no bha e a' dol leis an t-sruth ann an cuairteagan brasa agus e a' feuchainn ri teiche. Cha b' ann a-mhàin mar stiùir a bha an t-earball aige ag obrachadh ach, bha e cuideachd a' dol gun stad mar phropeilear, mar gu robh e a' toirt taic dha na spògan taobh sam bith a bha iad airson a dhol.



Chum seo a' dol fad dheich mionaidean no còrr. Bha an t-iasg, an dara cuid adag no breac, san robh trì no ceithir puinnd de chuideam, a' toirt leum às an uisge an dràsta 's a-rithist, 's e a' feuchainn ri teiche on t-sealgair. Bhe a mar mhadadh dìleas, a' dol an comhair a chùil nuair a dheaghadh an t-iasg an comhair a chùil, a' dol mu chuairt nuair a dheaghadh an t-iasg mu chuairt agus a' daoibheadh nuair a dhaoibheadh an t-iasg. Chum e air gun abhsadh gus, mu dheireadh, an do rinn e a' chùis air an iasg na eileamaid fhèin. Chaidh an t-iasg a ghlacadh ann am pollaig de dh'uisge tana far an deach e leis an eagal agus e troimhe-chèile. Thug an dòbhran ionnsaigh air sa bhad ga ghlacadh na bheul mar abhag le radan. Leum sinn gu ar casan le èigh an uair sin 's sinn an dòchas an t-eagal a chur air an dòbhran agus beatha an èisg a chaomhnadh ach bha Monsieur Lutra ro luath dhuinn. Thug e cruinn-leum dhan uisge leis an iasg na bheul agus, ann an tiota, bha e air a dhol à fianais am measg nan creagan. Bhiodh iad seo na chomraich dha fiù 's ged a bhiodh treud de choin-dhòbhran againn gus ar cuideachadh an aghaidh fear cho gleusta, no 's iongantach e.



Tha sinn air a bhith eòlach air dòbhran nan aibhnichean 's nan lochan bho ar n-òige; ach chan eil cuimhne againn air dòbhran mara fhaicinn chun an seo. Tha eòlaichean-nàdair an ìre mhath ag aontachadh gur e an aon bheathach a th' ann an dòbhran na mara agus san dòbhran a bhios sna h-aibhnichean agus sna lochan. Chan eil sinn airson a dhol an aghaidh na beachd sin an-dràsta ged a shaoil leinne gu robh am beathach air a bheil iomradh gu h-àrd gu math nas motha, nas duibhe, le cluasan nas motha agus earball nas motha agus nas dosraiche gin sam bith eile a chunnaic sinn, beò no marbh




Nithean eile sa chruinneachadh seo...



A' sealg an dòbhrain

A' sealg an dòbhrain





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village