Na Siùbhlaichean
Ro-ràdh
Tha àite sònraichte air a bhith aig Siùbhlaichean na Gàidhealtachd ann an dualchas, comann-sòisealta agus eaconamaidh na Gàidhealtachd fad linntean. 'S e treubh gluasadach a th' annta agus gu h-eachdraidheil tha dòigh-beatha shìmplidh air a bhith aca, a' siubhal bho bhaile gu baile am measg an t-sluaigh shuidhichte agus a' fuireach ann an teantaichean-bogha. Air an t-siubhal bhiodh na mnathan a' dol timcheall nan taighean a' reic bathar agus faoin-sheudan. Bhiodh na fir a' malairt eich agus ag iasgach airson neamhnaidean. Bhiodh iad cuideachd a' dèanamh obair ràitheil air tuathanasan.
Tha dlùth cheangal eadar Siùbhlaichean na Gàidhealtachd agus na Gàidheil dhùthchasach. Tha ainmean bho na fineachan Gàidhealach air mòran de theaghlaichean nan Siùbhlaichean mar Stiùbhart, Dòmhnallach, Camshron agus Mac a' Mhaoilein. Ann an Gàidhlig tha iad air an ainmeachadh mar na Ceàrdan, no luchd-ceàird, no na 'Ceàrdannan Dubha' no mar na 'Coisichean Samhraidh'. Tha an sluagh suidhichte air an aithneachadh riamh mar threubh a tha eadar-dhealaichte bhuapa fhèin. Tha dòighean-beatha an là an-diugh ga dhèanamh doirbh dhaibh an dòigh-beatha ghluasadach aca a chumail suas, ged-tà.
Clàr-ìnnse
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
- Rannsaich Na Siùbhlaichean
- Luchdaich a-nuas duilleagan-obrach - tagh pdf no word
- Luchdaich a-nuas freagairtean
- Tuilleadh stuthan co-cheangailte ris
RANNSAICH CUSPAIREAN EILE
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

