Am Baile logo Back to the Main site
Image

Tuathanachas

1. Tuathanachas

priont an duilleag seo

Mhair siostam nan cinnidhean air Ghàidhealtachd suas chun an t-17mh linn. Bha am fearann air a ghleidheadh gu coitcheann. Bha na fir-cinnidh ag àiteach an cuid fearainn gus biadh a chumail riutha fhèin 's an teaghlaichean, agus bha d́lseachd làidir dhan chinneadh gan ceangal ri chèile.

Ach ron 18mh linn bha siostam a' chinnidh air ṭiseachadh air briseadh fo bhuaidh fiùdalachd. Bha an siostam fiùdalach a' toirt sealbh don ŕgh air an fhearann gu lèir agus dh'fhaodadh e a bhuileachadh air a luchd-leantainn airson seirbheis a bheireadh iad dha. Thàinig an ceann-cinnidh gu bhith na uachdaran agus tḥisich e air raointean ṃra fearainn a thoirt air mhàl do dh'fhir-taca, am pŕomh luchd-gabhaltais aige. Bheireadh iadsan an uair sin fearann air mhàl do dh'fho-mhàladairean. Thàinig an c̣rr dhen t-sluagh gu bhith nan coitearan gun fhearann idir.

Mar a dh'èirich àireamh an t-sluaigh chuir seo cuideam air an fhearann. Dh'fheumadh ḍighean àiteachais a bhith air an leasachadh, ach an gabhadh barrachd bidhe fhàs. Dh'fheumadh oighreachdan a bhith nas prothaidiche. Mar sin, chaidh na màil suas. Gus àite a dhèanamh do thuathanachasan chaorach agus fŕthean chaidh na màladairean fhuadach do na h-oirthirean, far an robh feum air luchd-obrach airson buain ceilp agus iasgach. Rinn na h-uachdarain lotan beaga ris an cante croitean dhan luchd-obrach seo, ach dh'fhaodadh iad an croitearan fhuadach aig àm sam bith. Ann am meadhan an 19mh linn chaill iad am buntàta uile agus rinn a' ghort cùisean na bu mhiosa. Thàinig air mòran dhaoine eilthireachd a dhèanamh.

Tḥisich na croitearan air stŕ a dhèanamh airson c̣irichean laghail air an fhearann air an robh iad a' crochadh agus thàinig an iomairt gu buil le Achd nan Croitearan ann an 1886. Thug seo d́on dhaibh bho fhuadachadh le c̣ir-gabhaltais.

Tha àiteachas fhathast ro chudromach do dh'eaconamaidh agus coimhearsnachd na Gàidhealtachd. Tha am pàtran cleachdadh fearainn a chaidh a chur a-mach san 18mh agus san 19mh linn a' leantainn; ṭrr aonadan beaga air an ruith pàirt-ùine (gu tric le teaghlaichean) agus nas lugha de dh'aonadan ṃra làn-ùine.

Leugh an earrann agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Dè an diofar as motha eadar mar a bha am fearann air a ghleidheadh fo shiostam a' chinnidh agus fon t-siostam fhiùdalach?
  2. Cuir cŕoch air na seantansan a leanas - tagh am facal ceart bhon 'bhogsa fhaclan'.
    • Neach aig an robh sealbh air raointean ṃra air Ghàidhealtachd, b' e sin ........................
    • Am pŕomh neach-gabhaltais aige, b' e sin ......................
    • Neach aig an robh ṕos beag fearainn air mhàl bhon phŕomh neach-gabhaltais, b' e sin .......................
    • Neach gun fhearann idir, b' e sin ..........................
      coitear fear-taca uachdaran fo-mhàladair
2. Tuathanachas àitich