Am Baile logo Back to the Main site
Image

Daoine Ainmeil on Ghàidhealtachd

7. Coinneach Odhar

priont an duilleag seo

Rinn Coinneach MacCoinnich, (Coinneach Odhar Fiosaiche no 'The Brahan Seer'), fiosaiche ainmeil na Gàidhealtachd, fàistneachd mu Chlann MhicCoinnich ann am Farabraon agus an tùr: "The day will come when the Mackenzies of Fairburn shall lose their entire possessions; their castle will become uninhabited and a cow shall give birth to a calf in the uppermost chamber of the tower." Ann an 1851, bha tuathanach a' cleachdadh an tùir, a bha a-nis air a sgrios, mar shabhal airson an fheòir aige, agus rug bò innte. Thathar dhen bheachd gun deach a' bhò a-steach dhan tùr 's i a' leantainn shopan feòir, gun do shreap i chun a' mhullaich agus nach faigheadh i às. Chaidh a' bhò agus an laogh a thoirt a-nuas an ceann còig latha. Thug seo ùine gu leòr do dhaoine tighinn ach am faiceadh iad gun deach an fhàistneachd a choileanadh.

Tha Tom na h-Iùbhraich air iomall baile Inbhir Nis. Thathar ag ràdh gu bheil sìthichean a' fuireach air a' bheinn agus tha iomadh sgeulachd ann mu fhìdhlearan a' cluich dha na sìthichean a-staigh sa bheinn airson feasgar agus a' nochdadh a-mach an ceann ceud bliadhna. Chaidh an cladh an sin fhosgladh anns na h-1850an agus tha uaighean air feadh taobhan casa na beinne. Rinn Coinneach Odhar fàistneachd gum biodh Tom na h-Iùbhraich 'under lock and key, and the fairies secured within'.

Bha Coinneach Odhar beò san t-16mh no san t-17mh linn. Rinn e cuideachd fàistneachd gun tigeadh Slighe-uisge a' Ghlinn Mhòir (Caledonian Canal) agus - "full-rigged ships will be seen sailing eastward and westward by the back of Tomnahurich".

Rinn Coinneach Odhar cuideachd fàistneachd mu Shrath Pheofhair. Thuirt e nan tuiteadh Clach na h-Iolaire (clach bheag, Chruithneach sa bhaile) trì tursan gum biodh an srath fo thuil. Tha saimeant a-nis a' cumail na cloiche an sàs gu math.

A rèir beul-aithris, bha Coinneach Odhar a' fuireach aig Loch Usaidh, faisg air Inbhir Pheofharain. A rèir aithris, nuair a chaidh a chur an grèim airson a bhith ri buidseachd, shad e clach an fhiosaiche dhan loch agus thèid a lorg, latha brèagha air choreigin, ann am beul èisg.

Bha seann Chaisteal Bhrathain ceithir mìle an iar-dheas air Inbhir Pheofharain. Chaidh a thogail san t-17mh linn mar dhaingneachd do dh'Iarlan Shìophoirt, cinn-chinnidh Chlann 'Ic Coinnich. Bha Coinneach Odhar ag obair air an oighreachd. Chuir e an fhearg air Bean an Taighe nuair a dh'innis e dhi nach robh an duine aice dìleas dhi. Chaidh buidseachd a chur às leth Choinnich MhicCoinnich agus chaidh a losgadh gu bàs ann am barraille de theàrr. Mus do bhàsaich e, rinn e fàistneachd gun tigeadh crìoch air Clann 'IcCoinnich. Chaidh an fhàistneachd a choileanadh ro dheireadh an 18mh linn. Chaidh Caisteal Bhrathain a sgrios ann an 1953 agus chaidh cuid dhen chloich a chleachdadh nuair a bha iad a' togail Drochaid Chonainn.

Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha, leugh an teacsa agus freagair na ceistean.

Ceistean

  1. Cò bh' ann an Coinneach Odhar Fiosaiche agus cuine bha e beò?
  2. Dè na chaidh a choileanadh dhen fhàistneachd a rinn e mu Thùr Fharabraoin?
  3. Dè thachair dha na sìthichean air Tom na h-Iùbhraich?
  4. Dè an fhàistneachd eile a rinn Coinneach Odhar mu Thom na h-Iùbhraich a chaidh a choileanadh?
  5. Carson a chaidh Clach na h-Iolaire ann an Srath Fheofhair a chur ann an saimeant?
  6. Dè dh'fhaodadh tu a ghlacadh nam biodh tu ag iasgach ann an Loch Usaidh?
  7. Innis ciamar a chaidh Coinneach Odhar a chur gu bàs.
  8. Leugh thu mu sheachdnar a bha ainmeil air a' Ghàidhealtachd san aonad seo. Nad bheachd fhèin, cò bhuannaicheadh 'Pearsa na Bliadhna' (Personality of the Year') agus carson?